Fèis Rois
english Loidhne dhìreach gàidhlig
 
Loidhne chòmhnard
Dealbh brataich - bàtaichean
The main reason for sending you this short letter is to say a huge Thank You to you all for not just making me very proud to promote the music and musicians of Scotland, which I am privileged to do all around the world, but to make me equally proud to be part of such a vibrant music scene within Scotland within which organisations such as Fèis Rois play such an important role, especially for young people.
Ian Smith, Head of Music, Scottish Arts Council referring to a group of Fèis Rois musicians who performed at Cambridge Folk Festival 2009
Loidhne chòmhnard


Ceangail ri Facebook  Ceangail ri Twitter  Ceangail ri YouTube  Link to Flickr  

Mur Dèidhinn

Dannsairean cèilidh aig Fèis na h-òigridhTha ‘fèis’ a’ ciallachadh ‘fèisd’ no ‘fleadh’ ach thar na trì deicheadan mu dheireadh, dh’fhaodadh tu a ràdh gu bheil am facal Fèis agus gluasad nam Fèisean air fàs dlùth-cheangailte. Mar sin tha am facal a’ ciallachadh fèill teagaisg an là-an-diugh, airson cloinne is daoine òga gu h-àbhaisteach agus a bhios a’ nochdadh a’ chultair chiùil is òrain ceangailte ris a’ Ghàidhlig.

Tha Fèis Rois stèidhichte ann an Siorrachd Rois.

Chaidh a’ chiad Fhèis (Fèis Bharraigh) a chumail air Eilean Bharraigh ann an 1981. Aig an àm sin, bha Christine Martin na tìdsear teudan ag obair ann am Baile Dhubhthaich. Chaidh i leis a’ chloinn aice gu Fèis Bharraigh agus chòrd a’ chuairt sin cho mòr riutha gun do shaoil i, “carson nach urrainn dhuinn rudeigin mar seo a dhèanamh ann an Siorrachd Rois?”

Thàinig Christine ri chèile ri Kate Martin, a bha na h-obraiche ann am Foghlam Coimhearsnachd ionadail aig an àm. Fhuair an dithis aca taic bho Jock Watt agus Niall MacEacharna aig Comhairle Rois is Chrombaidh agus bho Jean Urquhart aig an Àite Chèilidh ann an Ulapul, agus chaidh a’ chiad Fhèis Rois a chumail ann an 1986.

A' chiad Fhèis RoisBha mu 50 òigridh bho P5 – S6 an làthair aig a’ chiad Fhèis. Dh’fhàs na h-àireamhan a h-uile bliadhna gus, ann an 1990, an deach a cho-dhùnadh gum biodh dà thachartas fa leth gan cumail airson clann na bun-sgoile agus airson clann na h-àrd-sgoile. Ann an 2009 bha 277 neach-cloinne an làthair aig Fèis Rois Òigridh (airson clann na bun-sgoile) agus Fèis Rois nan Deugairean (airson clann na h-àrd-sgoile).

Mar Oifigearan Ealain Ùghdarrasan Ionadail, ghabh Bryan Beattie agus Seumas Gaitens ris a’ phàirt a bha aig Kate agus Christine agus an uair sin, agus ag obair mar Cheannard bho 1991 – 2008, bha Rita Hunter a’ stiùireadh bun-leasachadh na buidhne. Thug Rita buaidh mhòr air a’ bhuidhinn, a’ dèanamh cinnteach gum biodh Fèis Rois cliùiteach gu nàiseanta mar bhuidheann teagaisg nan ealain traidiseanta.

Tha Fèis Rois ag obair air feadh na bliadhna a-nis agus cuid den obair sin ga dèanamh taobh a-muigh Shiorrachd Rois. A bharrachd air prògram gu math farsaing de theagasg ciùil ann an Ùghdarrasan Ionadail air feadh na h-Alba, tha an luchd-ciùil òga againn air tursan a dhèanamh timcheall na h-Alba, na Rìoghachd Aonaichte agus gu h-eadar-nàiseanta.

Is e buidheann charthannais chlàraichte is companaidh earranta le barantas a tha ann am Fèis Rois. Tha a’ bhuidheann ga stiùireadh le Bòrd de Stiùirichean saor-thoileach.

Far a bheil sinn

Fèis Rois
Suite 3
Dingwall Business Centre
Sràid a’ Srath Pheofhair
Inbhir Pheofharain
IV15 9QF


View Feis Rois Ltd in a larger map
Loidhne chòmhnard
post-d | fòn: +44 (0)1349 862600 | facs: +44 (0)1349 865781
Loidhne chòmhnard
'S e companaidh earranta a tha ann am Fèis Rois, clàraichte ann an Alba SC123137,. Tha e aithnichte le Oifis nan Cìsean mar Bhuidhinn Charthannais Albannaich, àireamh SC017647. Leasachadh eadar-lìn - Paul Murray | Dealbhachadh - Lucy Kendra | Photographs - Derek Prescott | Fiolmaichean – Chris Smith
© Fèis Rois 2010
Creative Scotland Highlands and Islands Enterprise Highland Council Fisean nan Gidheal
The Scottish Government The Scottish Government Highland Leader Traditional Music Forum
European Agriculture Fund for Rural Development Scotland Sings The Robertson Trust