Fèis Rois
english Loidhne dhìreach gàidhlig
 
Loidhne chòmhnard
Fèis Rois Ceilidh Trail participants
I just wanted to email and say a huge thank you for all your work to make the Fèis the magic that is. It remains my favourite weekend of the year after my eighth attendance!
Adult Fèis participant
Loidhne chòmhnard


Ceangail ri Facebook  Ceangail ri Twitter  Ceangail ri YouTube  Link to Flickr  Link to Soundcloud

Feumalachdan Taice a Bharrachd

Tha Fèis Rois na buidhinn in-ghabhalach agus, ge b’e càit as urrainn duinn, bidh sinn a’ toirt taic do dhaoine òga a bhith a’ gabhail pàirt anns a’ phrògram de ghnìomhan àbhaisteach.

Co-dhiù, uaireannan airson sreath de chuspairean, tha suidheachaidhean ann far nach urrainn do dhaoine òga pàirt a ghabhail anns na clasaichean àbhaisteach no na cùrsaichean còmhnaidheach aig Fèis Rois. Air an adhbhar sin, tha sinn air prògraman fa leth de chluich ceòl traidiseanta a chruthachadh airson daoine òga aig a bheil gu tric feumalachdan toinnte.

Tha Fèis Rois a-nis ag obair an co-bhoinn ri Live Music Now gus pròiseact ùr brosnachail a thoirt seachad aig na trì sgoiltean sònraichte air a’ Ghàidhealtachd. Gheibh clann-sgoile aig Sgoil Drummond, Sgoil Naoimh Dhubhthaich agus Sgoil Naoimh Chliamainn cothrom a bhith ann air làithean Fèis air an cur ri chèile gu sònraichte air an son. Gheibh iad cothrom pàirt a ghabhail ann am bùithtean-obrach cèol, òrain agus dannsa air an stiùireadh le cuid den luchd-ciùil as fheàrr ann an Alba. Tha a h-uile neach-cìuil air a’ phrògram air trèanadh sònraichte fhaighinn airson a bhith ag obair le daoine òga aig a bheil feumalachdan a bharrachd. Bidh na làithean Fèis seo gan cumail aon turas gach teirm agus tha àiteachan ann airson 6 sgoilearan bho gach sgoil. A bharrachd air an dòigh ùr foghlaim, tha seo na chothrom cudromach sòisealta airson na cloinne seo. Tha obair leantainneach ga tairgse anns an sgoil.

Tha Fèis Rois a’ dèanamh fiughair ri bhith ag obair nas dlùithe le ar nàbaidhean aig Sgoil Naoimh Chliamainn an seo ann an Inbhir Pheofharain. Tha sinn air an neach-piàna is sgrìobhadair-ciùil, Seumas Rois, a bharantachadh airson pios-ciùil ùr a chruthachadh a thèid a chluich le luchd-teagaisg is compàirtichean na Fèise agus clann-sgoile is luchd-obrach Sgoil Naoimh Chliamainn. Tha am pròiseact ga thoirt seachad an co-bhoinn ri Drake Music Scotland a bhios a’ trèanadh Sheumais agus an luchd-ciùil Fèis eile a tha an sàs anns a’ phròiseact le bhith a’ cleachd teicneòlas ciùil gus comas a thoirt do dhaoine òga a bhith ag amas air ceòl a chluich. Gheibh a h-uile pàisde aig Sgoil Shònraichte Naoimh Chliamainn cothrom pàirt a ghabhail anns a’ phròiseact fad teirm na sgoile. Cùm sùil a-mach airson na cuirm-ciùil sònraichte againn a bhios gan cumail anns an Òg-mhios 2010!

Loidhne chòmhnard
post-d | fòn: +44 (0)1349 862 600 | facs: +44 (0)1349 862600
Loidhne chòmhnard
'S e companaidh earranta a tha ann am Fèis Rois, clàraichte ann an Alba SC123137,. Tha e aithnichte le Oifis nan Cìsean mar Bhuidhinn Charthannais Albannaich, àireamh SC017647. Leasachadh eadar-lìn - Paul Murray | Dealbhachadh - Lucy Kendra | Photographs - Derek Prescott | Fiolmaichean – Chris Smith
© Fèis Rois 2010
Creative Scotland Highlands and Islands Enterprise Highland Council Fisean nan Gidheal
Scots Trad Music Awards Winner Highland Youth Music Forum Traditional Music Forum
Time to Shine Highland Youth Arts Hub Creative Ullapool