Fèis Rois
english Loidhne dhìreach gàidhlig
 
Loidhne chòmhnard
Dealbh brataich – teudan clàrsaich
Benefitted hugely! Great tuition, good company, friendly staff.
Participant
Loidhne chòmhnard


Ceangail ri Facebook  Ceangail ri Twitter  Ceangail ri YouTube  Link to Flickr  

Fèis Rois Inbhich

Bidh an ath Fhèis Inbhich ga cumail ann an Ulapul eadar Disathairne 2nd agus Diluain 4th Cèitean 2015.

Dannsa-ceum aig Fèis nan inbheachCuiridh sinn fàilte mhòr air luchd-tòiseachaidh aig a h-uile tachartas againn, agus gheibh an fheadhainn aig a bheil comas cluich no seinn mu thràth eòlas is tlachd às cuideachd. Tha sinn ag amas air a bhith a’ frithealadh a h-uile ìre de chomas, suas don fheadhainn a tha nan neach-ciùil is nan seinneadairean ealanta. Chan fhaod sgilean leughadh-ciùil no eòlas sam bith air ceòl traidiseanta a bhith agad gus tlachd fhaighinn à Fèis. Tha na bùithtean-obrach gan teagasg tro èisteachd agus ionnsaichidh na compàirtichean puirt agus òrain mean air mhean. Bheir an luchd-teagaisg ceòl sgrìobhte dhut gus a thoirt dhachaigh leat.

Tha tachartasan Fèis Rois spòrsail càirdeil. Is toil leinn do chuideachadh le cluich, le fàs do mhisneachd agus barrachd ionnsachadh mu Ghàidhlig agus mu chultar nan Gàidheal.

Pìobaireachd aig Fèis nan inbheachAir a chur an cèill le mòran de na compàirtichean a bha ann roimhe mar “an deireadh-seachdain as fheàrr sa bhliadhna”, tha an Fhèis Inbhich na Fèis bhliadhnail a mhaireas trì làithean far am faighear fìor dheagh theagasg ann an ceòl traidiseanta, òrain, dannsa, Gàidhlig agus cultar nan Gaidheal.

Tha na clasaichean làitheil gan cumail eadar 10m is 4f Disathairne, Didòmhnaich agus Diluain le sgioba iongantach de luchd-ciùil air a bheil cliù eadar-nàiseanta. Tha na clasaichean air an roinn a rèir ìrean comais agus tha sinn a’ tairgse clas a’ chiad thaghaidh fad na maidne agus clas an dàrna taghaidh fad an fheasgair. Cuiridh sinn fàilte mhòr air a h-uile duine ge b’e dè an comas a th’aca aig Fèis Rois Inbhich bho luchd-tòiseachaidh gu luchd-ciùil ealanta.

Dè a chosgas e a bhith ann aig Fèis Rois nan Inbheach?

A’ Phrìs Làn£165.00
Prìs le Lasachadh£135.00
Cosgais an Latha (airson an fheadhainn nach bi ann ach latha no dhà)£55

Tha a’ phrìs a’ gabhail a-steach teagasg, cothrom air na tachartasan agus gnìomhan air an fheasgar agus tì is cofaidh an asgaidh aig àmannan srùpag. Feumaidh compàirtichean àiteachan-fuirich a chur air dòigh dhaibh fhèin. Tha roghainn farsaing de dh’àiteachan-fuirich ri fhaighinn ann an Ulapul, nach briog thu an seo airson liosta mhionaideach de dh’àiteachan-fuirich.

Loidhne chòmhnard
post-d | fòn: +44 (0)1349 862600 | facs: +44 (0)1349 865781
Loidhne chòmhnard
'S e companaidh earranta a tha ann am Fèis Rois, clàraichte ann an Alba SC123137,. Tha e aithnichte le Oifis nan Cìsean mar Bhuidhinn Charthannais Albannaich, àireamh SC017647. Leasachadh eadar-lìn - Paul Murray | Dealbhachadh - Lucy Kendra | Photographs - Derek Prescott | Fiolmaichean – Chris Smith
© Fèis Rois 2010
Creative Scotland Highlands and Islands Enterprise Fisean nan Gidheal
Scotland Sings Highland Council Traditional Music Forum