A bheil thu 16 – 25? Tha Fèis Rois dealasach mu bhith a’ toirt taic do dhaoine òga gus am bi iad a’ leantainn orra a’ cluich, ag ionnsachadh agus a’ cur ris na sgilean aca ann an ceòl traidiseanta nuair a dh’fhà gas iad sgoil. Tha fiosrachadh air an duilleig seo mu chuid de na dòighean a leigeas leotha a bhith an sàs ann am Fèis Rois.
Greisean Gnìomhachais
Cuiridh sinn fà ilte air iarrtasan bho chlann-sgoile agus oileanaich a tha ag iarraidh eòlas-obrach còmhla rinn. Is urrainn do dh’ Fhèis Rois prògram a chur ri chèile dhut a bheir sreath de dh’eòlas dhut air mar a tha e a bhith ag obair anns an roinn ealain choimhearsnachd. Ionnsachaidh tu mu chuirmean-ciùil chur air dòigh, margaidheachd, sanasachadh, deasachadh airson clasaichean agus na h-ealain traidiseanta anns roinn fhoglaim fhoirmeil.
Tha deagh dhà imhean aig Fèis Rois le institiudan foghlam adhartach, nam measg an cùrsa BA ann an Ceòl na h-Alba aig an RSAMD agus an cùrsa BA ann an Ceòl Gnìomhaichte aig Oilthigh Srath Chluaidh. Bheir sinn cothrom do dh’oileanaich oilthigh greis gnìomhachais a dhèanamh aig na Fèisean còmhnaidheach.
Cuir brath thugainn airson barrachd fiosrachaidh.
Cèilidh air Chuairt
Tha Cèilidh air Chuairt na obair samhraidh iongantach do neach-ciùil òg sam bith! Seo cothrom do luchd-ciùil òg barraichte eadar 16 is 25 bliadhna a dh’aois a bhith a’ cur ris na sgilean cluich aca agus a bhith ag ionnsachadh mar a tha e a bhith nad neach-ciùil proifeiseanta air chuairt. Bheir Cèilidh air Chuairt cothrom don dà chuid muinntir an à ite agus luchd-turais fìor dheagh chèol traidiseanta a chluinntinn air feadh Shiorrachd Rois fad an t-samhraidh.
Theirig don duilleig Cèilidh air Chuairt airson barrachd fiosrachaidh!
SÃ r-chlasaichean aig an deireadh-sheachdain
Ceithir tursan anns a’ bhliadhna, tha Fèis Rois a’ tairgse cothrom do dhaoine òga eadar S3 agus 25 bliadhna a dh’aois pà irt a ghabhail ann an dian-chùrsa aig deireadh seachain le còmhlan-ciùil proifeiseanta. A bharrachd air faighinn 10 uairean de theagasg aig ìre sà r-chlas, gheibh iad cothrom a bhith a’ cluich còmhla ris an luchd-ciùil chliùteach a bhios a’ stiùireadh a’ chùrsa. Tha na deiridhean-seachdain seo airson daoine aig a bheil deagh chomas, ìre à rd-mheadhanach no adhartach, mu thrà th air seinn no air an ionnstramaid aca. Tha gach deireadh-seachdain air a chur air dòigh airson ionnstramaidean no stoidhle seinn eadar-dhealaichte. Briog an seo airson barrachd fiosrachaidh! |