Fèis Rois
english Loidhne dhìreach gàidhlig
 
Loidhne chòmhnard
Fèis Rois fiddle players
I just wanted to email and say a huge thank you for all your work to make the Fèis the magic that is. It remains my favourite weekend of the year after my eighth attendance!
Adult Fèis participant
Loidhne chòmhnard


Ceangail ri Facebook  Ceangail ri Twitter  Ceangail ri YouTube  Link to Flickr  Link to Soundcloud

Fun Folk App

Fun Folk LogoEoghainn wavingLuchdaich a-nuas an app ùr againn ‘Fun Folk’ a tha saor is an-asgaidh air ipads agus tablets!

Tro sreath de ghnìomhan, tha Fun Folk a’ leigeil le cloinn òga rannsachadh oràin Ghàidhlig agus Albais, sgeulachdan agus dannsaichean cèilidh, a bharrachd air a bhith ag ionnsachadh mu dheidhinn ionnstramaidean tradaiseanta na h-Albann.

Chaidh an app a chur air bhog aig Latha Cruthachail chur Fèis Rois air dòigh aig Ionad Sgeulachdan na h-Albann ann an Dùn Èideann air an 1mh den t-Òg mhios. Seo fiolm mu dheidhinn an app ‘Fun Folk’ agus an Latha Cruthachalachd

The App HomepageLe maoineachadh bho Iomairt Ciùil na h-Òigridh aig Alba Chruthachail, bha sgioba de ealanaiche rannsachaidh, air an stiùireadh le Michelle Burke, a bha ag obair le barrachd is 400 pàisde a bha an sàs anns a’ phròiseact aig Fèis Rois ‘Fun Folk’. Bha a’ chlann bho sgoiltean-àraich ann an Dùn Èideann, Glaschu, Siorramachd Lannraig a Tuath agus Roinn na Gàidhealtachd. Dh’ obraich iad còmhla air iomadh òran, geama, gnìomh, sgeulachd agus dannsa a tha rim faicinn air an app.

Thug sinn cùmhnant gu Flo-Culture airson an app a chruthachadh agus airson bar-rachd fhaighinn a-mach mun t-slighe seo nach teid sibh dhan làrach-lìn aig Flo-Culture. Thug am beòthaichear cliùiteach, Gavin C Robinson, na beachdan beò tro dhealbhachadh agus beòthachadh còmhla ris a’ cheòl agus na sgeulachdan a chaidh a’ chlàradh le Barry Reid agus sgioba de luchd-ciùil tradaiseanta proifeiseanta bho chòmhlain mar an Treacherous Orchestra agus The Shee.

Katie Playing ClarsachTha an app seo cuideachd a’ foillseachadh iomadh neach-ciùil agus seinneadair ainmeil, nam measg Robyn Stapleton, a bhuannaich am farpais ‘BBC Radio Scotland Young Traditional Musician of the Year’ agus cuideachd, Darren Mac Illeathain, a bhuannaich am bonn òr aig a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail.

Luchdaich a-nuas an app ùr a-nis, tha e saor is an-asgaidh.

Loidhne chòmhnard
post-d | fòn: +44 (0)1349 862 600 | facs: +44 (0)1349 862600
Loidhne chòmhnard
'S e companaidh earranta a tha ann am Fèis Rois, clàraichte ann an Alba SC123137,. Tha e aithnichte le Oifis nan Cìsean mar Bhuidhinn Charthannais Albannaich, àireamh SC017647. Leasachadh eadar-lìn - Paul Murray | Dealbhachadh - Lucy Kendra | Photographs - Derek Prescott | Fiolmaichean – Chris Smith
© Fèis Rois 2010
Creative Scotland Highlands and Islands Enterprise Highland Council Fisean nan Gidheal
Scots Trad Music Awards Winner Highland Youth Music Forum Traditional Music Forum
Time to Shine Highland Youth Arts Hub Creative Ullapool