Fèis Rois
english Loidhne dhìreach gàidhlig
 
Loidhne chòmhnard
Dealbh brataich – teudan clàrsaich
Apart from learning, there is an important social aspect. The warmth and hospitality and general sense of sharing and celebrating Gaelic culture is wonderful.
Margaret Bennett
Loidhne chòmhnard


Ceangail ri Facebook  Ceangail ri Twitter  Ceangail ri YouTube  Link to Flickr  Link to Soundcloud

Gabh Pàirt

Ag ionnsachadh giotàr aig Fèis na h-òigridhTha iomadh dòigh ann airson pàirt a ghabhail ann am Fèis Rois. A bharrachd air dol an sàs anns na bùithtean-obrach agus Fèisean àbhaisteach, tha sinn a’ brosnachadh dhaoine a bhith a’ gabhail pàirt anns na dòighean gu h-ìosal:

Luchd-teagaisg Ciùil ri Trèanadh

Tha Fèis Rois dealasach mu bhith taiceil do dhaoine òga eadar 16 – 25 bliadhna a dh’aois leis na leasachaidhean ceòlmhor, sòisealta agus foghlaim aca. Paighidh sinn àireamh bheag de dhaoine òga eadar nan aoisean sin air chor ’s gun gabh iad pàirt sa phrògram neach-ciùil foghlamach againn. Seo cothrom a bhith a’ dol an sàs ann am program-trèanaidh farsaing airson luchd-teagaisg far am bi thu ag ionnsachadh còmhla ri neach-teagaisg proifeiseanta fhad ’s a bhios iad a’ cumail nan clasaichean seachdaineach againn. An uair sin bidh thu fhèin a’ teagasg buidheann bheag de luchd-ionnsachaidh aig a’ cheann thall.

Greisean Gnìomhachais

Seisean air a bhlàr a-muighCuiridh sinn fàilte air iarrtasan bho chlann-sgoile aig a bheil ùidh ann am faighinn seachdain de dh’eòlas-obrach còmhla rinn. Anns an àm a dh’fhalbh, bha sgoilearan againn bho Acadamaidh Bhaile Dhubhthaich, Acadamaidh Inbhir Pheofharain agus Acadamaidh na Cananaich. Cuiridh Fèis Rois prògram ri chèile dhut a bheir sreath de dh’eòlas air mar a tha e a bhith ag obair anns an earrainn choimhearsnachd ealain. Bidh thu ag ionnsachadh mu chur cuirmean-ciùil air dòigh, margaidheachd, sanasachadh, deasachadh airson clasaichean agus na h-ealain traidiseanta anns an earrainn fhoglaim fhoirmeil.

Tha Fèis Rois cuideachd a’ tairgse cothrom do dh’oileanaich oilthigh a thighinn gus greis gnìomhachais a dhèanamh aig na Fèisean còmhnaidheach againn. Ann am bliadhnaichean eile, tha sinn air fàilte a chur air oileanaich bhon RSAMD agus Oilthigh Srath Chluaidh.

Saor-thoilich

Tha Fèis Rois na buidheann charthannais chlàraichte, agus mar sin tha feum againn air saor-thoilich airson mòran den obair againn. Dh’fhaodadh saor-thoilich ar cuideachadh le bhith:

  • A’ fuine no a’ toirt duais chrannchur-gill dhuinn airson fear de na tachartasan againn
  • A’ cuideachadh le aoigheachd aig cèilidh teaghlach
  • A’ deasachadh àiteachan airson tachartasan no a’ dèanamh tì is cofaidh aig an Fhèis Inbhich (bheir sinn seachad àiteachan an asgaidh ma nì thu sin!)
  • A’ toirt seachad d’eòlas fhèin – dh’fhaoidte bùth-obrach a stiùireadh aon turas air an fheasgar aig tè de na Fèisean againn, no dh’fhaodadh gu bheil an t-àm agus na sgilean agad a bhith a’ sgrìobhadh iarrtas maoineachaidh?
  • A’ togail-airgid! Dh’fhaodadh tu a bhith a’ cluich air na sràidean no a’ cur air dòigh madainn chofaidh, rèic bèicearachd no cèilidh ionadail anns a’ choimhearsnachd agad…

Gabh pàirt anns a’ Bhòrd no anns an Fhòram Òigridh

Tha Fèis Rois ga ruith le Bòrd de Stiùirichean. Cuiridh sinn sanasan a-mach ron Choinneimh Choitcheann Bhliadhnail (AGM) againn san t-Sultain airson buill Bòrd a bheir smuaintean ùra agus sgilean feumail a-steach don bhuidhinn.

Tha Fòram Òigridh beothail aig Fèis Rois. Tha sinn a’ brosnachadh daoine òga a tha an sàs anns na tachartasan againn a bhith a’ gabhail pàirt anns an Fhòram Òigridh. Seo cothrom do dhaoine òga a bhith a‘ toirt buaidh air slighe air adhart na buidhne agus a’ bhith a’ toirt a-steach smuaintean ùra airson pròiseactan agus tachartasan.

Cuir d’ ainm ris an liosta-phuist againn

Nach clàraich thu airson na bùtha ma tha thu airson d' ainm a chur ris an liosta-phuist againn. Cha leig thu a leas dad sam bith a cheannach, ach thèid am fiosrachadh agad a-steach don stòr-dàta againn.

Thoir tabhartas dhuinn

'S e buidheann-charthannais chlàraichte a th' ann am Fèis Rois. Ged a tha sinn a' faighinn taic-airgid fhialaidh bho Chomhairle Ealain na h-Alba, Comhairle na Gàidhealtachd agus Fèisean nan Gàidheal, tha sinn a' sìor strì gus teachd-a-steach a bharrachd a lorg gus dèanamh cinnteach gun ruig a h-uile duine air na tachartasan againn. Ma tha thu airson tabhartas a thoirt dhuinn, gabhaidh seo dèanamh gu luath agus gu sàbhailte le bhith a' bruthadh air a' cheangal ri Paypal Donate shìos.

Nach cuir thu fios thugainn ma bhios tu airson pàirt a ghabhail!

Loidhne chòmhnard
post-d | fòn: +44 (0)1349 862 600 | facs: +44 (0)1349 862600
Loidhne chòmhnard
'S e companaidh earranta a tha ann am Fèis Rois, clàraichte ann an Alba SC123137,. Tha e aithnichte le Oifis nan Cìsean mar Bhuidhinn Charthannais Albannaich, àireamh SC017647. Leasachadh eadar-lìn - Paul Murray | Dealbhachadh - Lucy Kendra | Photographs - Derek Prescott | Fiolmaichean – Chris Smith
© Fèis Rois 2010
Creative Scotland Highlands and Islands Enterprise Highland Council Fisean nan Gidheal
Scots Trad Music Awards Winner Highland Youth Music Forum Traditional Music Forum
Time to Shine Highland Youth Arts Hub Creative Ullapool