Fèis Rois
english Loidhne dhìreach gàidhlig
 
Loidhne chòmhnard
Fèis Rois fiddle players
There is such a great team around to support you, a great place to be in. The participants gained new music, an insight into the Highland traditions, new friends, technical advice and help, good socialising, meeting people “in the same boat”…
Corrina Hewat, Tutor and former participant
Loidhne chòmhnard


Ceangail ri Facebook  Ceangail ri Twitter  Ceangail ri YouTube  Link to Flickr  Link to Soundcloud

Fèis Rois Òigridh

Giotàr aig Fèis na h-òigridhCuiridh sinn fàilte mhòr air luchd-tòiseachaidh aig a h-uile tachartas againn, agus gheibh an fheadhainn aig a bheil comas cluich no seinn mu thràth eòlas is tlachd às cuideachd. Tha sinn ag amas air a bhith a’ frithealadh a h-uile ìre de chomas, suas don fheadhainn a tha nan neach-ciùil is nan seinneadairean ealanta. Chan fhaod sgilean leughadh-ciùil no eòlas sam bith air ceòl traidiseanta a bhith agad gus tlachd fhaighinn à Fèis. Tha na bùithtean-obrach gan teagasg tro èisteachd agus ionnsaichidh na compàirtichean puirt agus òrain mean air mhean. Bheir an luchd-teagaisg ceòl sgrìobhte dhut gus a thoirt dhachaigh leat.

Tha tachartasan Fèis Rois spòrsail càirdeil. Is toil leinn do chuideachadh le cluich, le fàs do mhisneachd agus barrachd ionnsachadh mu Ghàidhlig agus mu chultar nan Gàidheal.

Tha a h-uile neach-teagaisg againn nan neach-ciùil eòlach, proifeiseanta aig a bheil sgilean a bhith ag obair le daoine òga. Tha liosta againn de luchd-aire agus saor-thoilich a tha gar cuideachadh gus na tachartasan againn a thoirt seachad gu soirbheachail. Bidh sinn a’ toirt aire don chloinn fad an t-siubhail agus tha sinn ag obair a rèir Stiùiridhean Dìon Cloinne agus Slàinte & Sàbhailteachd. Tha an luchd-obrach agus na saor-thoilich fo chùmhnant againn air iarrtasan ‘Disclosure Scotland’ a dhèanamh. Nam bu toil leat lethbhreacan de na poileasaidhean againn fhaicinn no a bhith a’ faighinn a-mach barrachd mu bhith ag obair mar shaor-thoileach nach cuir thu post-d thugainn.

Is e Fèis Rois Òigridh tachartas còmhnaidheach beòthail a mhaireas còig làithean airson dhaoine òga a tha ann am P5 – S1. Bidh an tachartas seo ga chumail anns a’ chiad sheachdain de làithean-saora na Càisge agus tha àiteachan gu leòr againn airson 150 daoine òga.

Bidh na daoine òga a’ taghadh trì clasaichean eadar-dhealaichte. Gheibh thu dà uair a thìde de theagasg anns a’ phrìomh thaghadh agad agus uair a thìde anns an dàrna agus an treas taghadh agad gach latha. Am measg nan clasaichean a dh’fhaodadh tu taghadh tha: bocsa, a’ phìob, feadan, fìdheall, òrain Ghàidhlig, obair còmhlan, giotàr, clàrsach, faram, piàna, ealain, sgrìobhadh cruthachail, dràma, dannsa Gàidhealach agus dannsa ceum! Gabhaidh a h-uile compàirtiche pàirt ann an gnìomhan Gàidhlig anns a’ mhadainn, a’ gabhail a-steach òran na Fèise. Iarraidh sinn gach bliadhna air an neach-teagaisg òrain a bhith a’ taghadh òran a bhios a h-uile duine ag ionnsachadh còmhla – seo am pìos mu dheireadh de chuirm-chiùil nam compàirtichean.

A bharrachd air teagasg làitheil eadar 9.30m agus 4.00f, Tha prògram slàn de ghnìomhan spòrsail air an fheasgar, nam measg:

Oidhche LuainSeisean – cothrom a bhith a’ cluich leis an luchd-teagaisg agad
Oidhche MhàirtCuirm-chiùil an Luchd-teagaisg – bi gad bhrosnachadh le ceòl bhon luchd-teagaisg agad, 7f – 9f Talla Ulapul. Tha a’ chuirm-chiùil seo an asgaidh do chompàirtichean.
Oidhche ChiadainOidhche Ghnìomhan – tagh bho sreath de ghnìomhan ùr spòrsail, nam measg: sgrìobhadh òran, spòrs, cluich gun ullachadh, rìomhachas oillteil, cruthachadh dannsa agus eile!
Oidhche ArdaoinCèilidh – cothrom dhut a bhith a’ dannsadh le fear de na còmhlan cèilidh as mò is as fheàrr a bha ann a-riamh –luchd-teagaisg Fèis Rois!
Oidhche HaoineCuirm-ciùil nan Com-pàirtichean – cothrom dhut a bhith a’ taisbeanadh do do chàirdean agus do do theaghlach na dh’ionnsaich thu fad na seachdain. Tha a’ chuirm-ciùil ga cumail ann an Ionad MhicPhàil agus bidh i a’ tòiseachadh aig 7f.

Cuideachd, tha sinn a’ toirt seachad iomadh gnìomh eadar-dhealaichte aig àm-lòn, nam measg: camanachd, ball-coise, ealain is ceàirdean, dèanamh bhaidseanbhaidsean agus, le cinnt, seiseanan ciùil!

Dè a chosgas e a bhith ann aig Fèis Rois na h-Òigridh?

Àite-còmhnaidheachÀite-fuirich, biadh, 20 uair de theagasg proifeiseanta, agus prògram slàn de ghnìomhan air an fheasgar£275.00
Àite-còmhnaidheach airson neach-cloinne eile bhon aon teaghlachMar a tha gu h-àrd airson chloinne eile bhon aon teaghlach£225.00
Gun Àite-còmhnaidheachTeagasg, biadh agus cothrom air a’ phrògram shlàn de ghnìomhan air an fheasgar£135

Is urrainn do dh’ Fhèis Rois a bhith a’ toirt taic-airgid do theaghlaichean a bhios air teachd-a-steach ìosal. Nach cuir thu fios gu Fiona gus bruidhinn gu prìobhaideach air mar a dh’fhaodamaid do chuideachadh.

Loidhne chòmhnard
post-d | fòn: +44 (0)1349 862 600 | facs: +44 (0)1349 862600
Loidhne chòmhnard
'S e companaidh earranta a tha ann am Fèis Rois, clàraichte ann an Alba SC123137,. Tha e aithnichte le Oifis nan Cìsean mar Bhuidhinn Charthannais Albannaich, àireamh SC017647. Leasachadh eadar-lìn - Paul Murray | Dealbhachadh - Lucy Kendra | Photographs - Derek Prescott | Fiolmaichean – Chris Smith
© Fèis Rois 2010
Creative Scotland Highlands and Islands Enterprise Highland Council Fisean nan Gidheal
Scots Trad Music Awards Winner Highland Youth Music Forum Traditional Music Forum
Time to Shine Highland Youth Arts Hub Creative Ullapool