Duilleag Foghlam Air-loidhneTron Iomairt Chiùil Òigridh bidh Fèis Rois ag obair le sgoilearan agus tidsearan ann an còrr is 100 bun-sgoil air Ghà idhealtachd gach bliadhna. Bho 2004 tha na mìltean de dhaoine òga air cothrom fhaighinn a bhith an sàs ann am bùthan-obrach seinn Ghà idhlig is fìdeige thar dhusan seachdain rè teirm na sgoile.
Ma tha thu nad sgoilear no nad thidsear faodaidh tu na duilleagan foghlam air-loidhne againn a chleachdadh gus cumail ort led chuid ionnsachaidh. Gheibh sibh an seo sreath de leasanan fìdeige le Aonghas MacCoinnich, agus sreath de leasanan seinn le Raghnaid Walker.
Chan fheum thu a bhith nad sgoilear no tidsear airson feum a dhèanamh de na leasanan seo – tha iad ann don a h-uile duine! Leis cho mòr 's a tha Siorrachd Rois chan eil e comasach don a h-uile duine a dhol do na clasaichean à s-dèidh-sgoile againn, 's mar sin 's dòcha gun toir na duilleagan seo cothrom dhut rudeigin fheuchainn is ionnsachadh. Tha leasanan ann airson gach ìre – bhon fhìor thoiseach gu dòighean cluiche agus pìosan ciùil nas adhartaiche.
Innis dhuinn dè tha thu a' saoilsinn de na leasnan tro phost-dealain. Tha sinn a' dèanamh fiughar ri cluinntinn bhuat!
|