Fèis Rois
english Loidhne dhìreach gàidhlig
 
Loidhne chòmhnard
Dealbh brataich – teudan clàrsaich
Apart from learning, there is an important social aspect. The warmth and hospitality and general sense of sharing and celebrating Gaelic culture is wonderful.
Margaret Bennett
Loidhne chòmhnard


Ceangail ri Facebook  Ceangail ri Twitter  Ceangail ri YouTube  Link to Flickr  Link to Soundcloud

Geàrr-Chunntas

Seinneadairean aig Fèis na h-òigridhTha tòrr thachartasan againn a bhios gan cumail tron bhliadhna an seo aig Fèis Rois. Seo blas de na bhios sinn a’ dèanamh:

An Gearran

Fèis Rois nan Oileanach Gàidhlig: Cothrom sònraichte do dh’oileanaich Gàidhlig air feadh Alba, deireadh sheachdain a chur seachad le sàr luchd-ciùil ag ionnsachadh mu dhannsa-ceum, òrain Ghàidhlig agus ceòl traidiseanta tro mheadhan na Gàidhlig anns a’ bhaile bheag bhòidheach, Ulapul.

Am Màrt/ An Giblean

Fèis Rois Òigridh: Tha 150 neach-cloinne eadar P5 agus P7 gan teagasg le sgioba de luchd-teagaisg proifeiseanta ann an iomadh cuspair eadar-dhealaichte. Am measg nan cuspairean seo tha mòran ionnstramaidean-ciùil traidiseanta, dràma, dannsa, òrain Ghàidhlig agus sgrìobhadh cruthachail. Tha na tachartasan seo, mar Fèisean clann na h-àrd-sgoile agus nan inbheach, fosgailte don a h-uile duine bho luchd-tòiseachaidh gu luchd-ciùil adhartach.

An Cèitean

Fèis Rois Inbhich: Tha 300 inbheach a’ gabhail pàirt ann an bùithtean-obrach air an stìuireadh le prìomh luchd-teagaisg. Am measg an luchd-teagaisg o chionn goirid bha an neach-teagaisg duiseal, Niall Keegan à Èirinn, na fìdhlearan Iain MacPhàrlain agus Bruce MacGriogair bho ‘Blazin Fiddles’ agus an seinneadair iongantach is sgoilear beul-athris Mairead Bennett.

An t-Iuchar, an Lùnastal agus an t-Sultain

Cèilidh air Chuairt: Gabhaidh daoine òga eadar 16-25 bliadhna a dh’aois a tha ag amas air cùrsa-beatha ann an ceòl pàirt anns a’ Chuairt a mhaireas ceithir seachdainean. Bheir iad seachad 20 cuirmean-ciùil do barrachd is 1,500 duine ann aniomadh àite air feadh Shiorrachd Rois, cho math ri dol gu prìomh fhèisean, nam measg ‘Tartan Heart’ agus Iomall Fèis Dhùn Èideann. Bidh iad a’ cluich aig an Fhèis ‘Blas’ cuideachd.

An Dàmhair

Fèis Rois nan Deugairean: Tha 175 deugaire bho S1 gu S6 gan teagasg le sgioba de 20 neach-teagaisg proifeiseanta brosnachail a bhios a’ cumail chlasaichean ann an deugachadh de chuspairean eadar-dhealaichte fad 5 làithean. Am measg nam bùithean-obrach ùra air an robh daoine measail am-bliadhna bha innleadaireachd fuaim agus riochdachadh rèidio. Èist an seo.

Am measg nan gnìomhan gan cumail air feadh na Bliadhna tha:

Drumairean aig Fèis na h-òigridhClasaichean seachdaineach: Bithidh barrachd is 180 duine òg a’ gabhail pàirt anns a’ phrògram às dèidh sgoile ann an Siorrachd Rois. Faodaidh daoine òga 28 clasaichean eadar-dhealaichte a dhèanamh aig sreath de dh’ìrean gach seachdain.

Fèisean aig an deireadh-sheachdain: Ceithir tursan sa bhliadhna, faodaidh 30 duine òg eadar S3 agus 25 bliadhna a dh’aois aig a bheil deagh chomas mu thràth air seinn no air an ionnstramaid aca pàirt a ghabhail ann an dian-chùrsa aig deireadh seachain le comhlan-ciùil proifeiseanta. A bharrachd air 10 uairean de theagasg, gheibh iad cothrom a bhith a’ cluich còmhla ris an luchd-ciùil chliùiteach a bhios a’ stiùireadh a’ chùrsa.

Iomairt Ciùil Òigridh (YMI): Tha Fèis Rois a’ toirt seachad pàirt den phrògram YMI aig Riaghaltas na h-Alba às leth Chomhairle na Gàidhealtachd. Bidh sinn a’ dèanamh cùmhnantan am-bliadhna le 25 neach-teagaisg gus 12 seachdainean de theagasg ann an òrain Ghàidhlig, feadag no a’ cluich ceòl ann am buidheann a sholarachadh don a h-uile neach-cloinne P6 ann an 108 bun-sgoiltean ann an Siorrachd Rois, Inbhir Nis, Inbhir Narann agus Gallaibh.

Am Pròiseact ‘Ceòl Traidiseanta ann an Sgoiltean’ (TMIS):Tha Fèis Rois ag obair le Ùghdarrasan Ionadail air feadh na h-Alba gus pròiseactan ceòl traidiseanta fa leth a sholarachadh a bhios ceangailte ris an eòlas agus na toraidhean airson nan Ealain Cur-an-cèill anns a’ Churraicealam airson Sàr-mhathais. Tha sinn ag obair a-nis le Comhairle Chathair-bhaile Dhùn Èideann, Comhairle Lodainn an Iar, Comhairle Meadhan Lodainn agus Comhairle Chathair-bhaile Obar Dheathain.

Feumalachdan Taic a Bharrachd: Tha Fèis Rois ag obair an co-bhoinn ris na buidhnean nàiseanta, ‘Live Music Now’ agus ‘Drake Music Scotland’ air dà phròiseact ùr-ghnàthach airson trì sgoiltean sònraichte air a’ Ghàidhealtachd: Sgoil Drummond, Sgoil Naoimh Dhubhthaich agus Sgoil Naoimh-Chliamainn.

Buidheann-gnìomha: Bidh an luchd-ciùil òg againn a’ cluich aig sreath fharsaing de thachartasan eadar margaidhean nan tuathanach agus diathadan corporra. O chionn goirid, chluich daoine òga againn aig Marathon Loch Nis Bhaxter agus aig grunn tachartasan ceangailte ris an iomairt Tilleadh Dhachaigh air a’ Ghàidhealtachd.

Tachartasan Sònraichte: Tha Fèis Rois ag obair gu tric an co-bhoinn ri buidhnean eile gus cuirmean-ciùil le òigridh a chruthachadh. Is i an tè as ainmeil a’ chuirm-chiùil Ceòlraidh a tha ga cumail gach dàrna bliadhna an co-bhoinn ris an ‘Faculty of Advocates’. Tha sinn cuideachd air cuirmean-ciùil sònraichte a chruthachadh airson ‘Blas’, ‘Celtic Connections’ agus an ‘Cambridge Folk Festival’.

Loidhne chòmhnard
post-d | fòn: +44 (0)1349 862 600 | facs: +44 (0)1349 862600
Loidhne chòmhnard
'S e companaidh earranta a tha ann am Fèis Rois, clàraichte ann an Alba SC123137,. Tha e aithnichte le Oifis nan Cìsean mar Bhuidhinn Charthannais Albannaich, àireamh SC017647. Leasachadh eadar-lìn - Paul Murray | Dealbhachadh - Lucy Kendra | Photographs - Derek Prescott | Fiolmaichean – Chris Smith
© Fèis Rois 2010
Creative Scotland Highlands and Islands Enterprise Highland Council Fisean nan Gidheal
Scots Trad Music Awards Winner Highland Youth Music Forum Traditional Music Forum
Time to Shine Highland Youth Arts Hub Creative Ullapool