Fèis Rois
english Loidhne dhìreach gàidhlig
 
Loidhne chòmhnard
Dealbh brataich – stuadh-fhìdhle
I am going to carry on and I can’t wait till I see the whistles it was so much fun!
Pupil
Loidhne chòmhnard


Ceangail ri Facebook  Ceangail ri Twitter  Ceangail ri YouTube  Link to Flickr  Link to Soundcloud

Am Pròiseact ‘Ceòl Traidiseanta ann an Sgoiltean’ (TMIS)

Gordon Gunn a' teagasg aig clas obair-bhuidhneTha am Pròiseact ‘Ceòl Traidiseanta ann an Sgoiltean’ (TMIS) aig Fèis Rois na phròiseact ùr-ghnàthach air a mhaoineachadh leis an Iomairt Chiùil Òigridh (YMI). Tha 80% den airgead YMI a’ dol gu Ùghdarrasan Ionadail gus an targaid P6 a choileanadh (feuch an duilleag YMI againn) agus tha an còrr den airgead, 20%, air a chuir ma seach airson buidhnean anns an roinn neo-fhoirmeil’ ma dh’iarras iad e. Tha cuid de bhuidhnean (air a bheil ‘National Youth Music Making Organisations’ no ‘NYMMOs’) gam faicinn mar bhuidhnean le cudrom nàiseanta anns an roinn chiùil òigridh agus tha iad seo gam maoineachadh gu dìreach bho YMI. Tha Fèis Rois air leth toilichte a bhith air a sònrachadh mar tè de na bhuidhnean cudromach seo.

Tha Fèis Rois a’ toirt a’ chothroim do Ùghdarrasan Ionadail a bhith ag obair an co-bhoinn rinn air a’ phròiseact ‘TMIS’ againn. Seo cothrom do bhun-sgoiltean a bhith a’ rannsachadh agus ag ionnsachadh mu na h-ealain traidiseanta. Tha am pròiseact a’ coileanadh eòlas is toraidhean ìre a dhà airson nan Ealain Chruthachail anns a’ Churraicealam airson Sàr-mhathais cho math ri dèiligeadh ri litireachd agus slàinte is mathas-beatha. Thoir sùil air na ceanglaichean bhidio goirid gu h-ìosal airson geàrr-chunntas air an TMIS (Pròiseact Ceòl Traidiseanta ann an Sgoiltean)

Tha Fèis Rois ag obair a-nis le buidhnean de cheithir bun-sgoiltean anns na Ùghdarrasan Ionadail a leanas: Meadhan Lòdainn, Siorrachd Chlach Mhanainn, Siorrachd Obar Dheathain, Dùn Èideann agus Lòdainn an Iar. Ma tha luchd-ciùil, sgeulaichean no dannsairean bho Fhèis Rois air a bhith a’ tadhal air an sgoil agad, nach briog thu air na ceanglaichean pod-chraolaidh gu h-ìosal gus cuid de na rudan spòrsail a rinn thu a chur nad chuimhne a-rithist:

Loidhne chòmhnard
post-d | fòn: +44 (0)1349 862 600 | facs: +44 (0)1349 862600
Loidhne chòmhnard
'S e companaidh earranta a tha ann am Fèis Rois, clàraichte ann an Alba SC123137,. Tha e aithnichte le Oifis nan Cìsean mar Bhuidhinn Charthannais Albannaich, àireamh SC017647. Leasachadh eadar-lìn - Paul Murray | Dealbhachadh - Lucy Kendra | Photographs - Derek Prescott | Fiolmaichean – Chris Smith
© Fèis Rois 2010
Creative Scotland Highlands and Islands Enterprise Highland Council Fisean nan Gidheal
Scots Trad Music Awards Winner Highland Youth Music Forum Traditional Music Forum
Time to Shine Highland Youth Arts Hub Creative Ullapool