Fèis Rois
english Loidhne dhìreach gàidhlig
 
Loidhne chòmhnard
Dealbh brataich – stuadh-fhìdhle
I cannot praise the tutors enough – the tutor brings the best out of my child.
Parent
Loidhne chòmhnard


Ceangail ri Facebook  Ceangail ri Twitter  Ceangail ri YouTube  Link to Flickr  Link to Soundcloud

Clasaichean seachdaineach (P4 - S6)

Young musicians in Avoch.Tha faisg air 200 òigridh bho gach ceàrn de Shiorramachd Rois, a’ gabhail pàirt ann am prògram bhrosnachail de chlasaichean, as dèidh na sgoile, a tha air a chur air dòigh le Fèis Rois.

Tha obair-bhuidhinn air an tairgsinn aig iomadh diofar ìre bho neach-tòiseachaidh gu h-iomlan suas gu cluicheadairean aig ìre adhartach.

Tha cothrom aig na com-pàirtichean a bhith ag obair le clasaichean eile agus a bhith a’ cluich aig cèilidhean aig deireadh na teirm agus cuirmean-ciùil.

Ma tha fìdeag air còrdadh riut aig an sgoil, neo ma dh’ fheuch thu fidheall airson a’ chiad uair aig Fèis Rois na h-Òigridh agus chòrd e riut, carson nach tig thu gu na clasaichean seachdaineach againn, far an urrainn dhut cumail ort ceòl a dhèanamh le daoine òga eile?

Bithidh tu air chothrom clasaichean a dhèanamh anns na leanas::

Cosgais

Teirm 1 (6 seachdainean)

  • £42 airson aon phàiste ri bhith dol gu aon clas gach seachdain
  • £77 airson dà chlas
  • £112 airson trì clasaichean
  • £147 airson ceithir clasaichean

Teirm 2 (6 seachdainean)

  • £42 airson aon phàiste ri bhith dol gu aon clas gach seachdain
  • £77 airson dà chlas
  • £112 airson trì clasaichean
  • £147 airson ceithir clasaichean

Teirm 3 (10 seachdainean)

  • £70 airson aon phàiste ri bhith dol gu aon clas gach seachdain
  • £133 airson dà chlas
  • £196 airson trì clasaichean
  • £259 airson ceithir clasaichean

Teirm 4 (8 seachdainean)

  • £56 airson aon phàiste ri bhith dol gu aon clas gach seachdain
  • £105 airson dà chlas
  • £154 airson trì clasaichean
  • £203 airson either clasaichean

Dà Chlas - tha seo a’ ciallachadh gu bheil aon phàiste gu bhith aig dà chlas neo gu bheil dithis bhon aon teaghlach a’ dol gu clas an duine.

Trì Clasaichean - tha seo a’ ciallachadh gu bheil aon phàiste gu bhith aig trì clasaichean neo gu bheil measgachadh de dithis neo triur chloinne bhon aon teaghlach a’ dol gu na clasaichean.

Ceithir Clasaichean - tha seo a’ ciallachadh gu bheil aon phàiste gu bhith aig ceithir clasaichean neo gu bheil measgachadh de chloinn bhon aon teaghlach a’ dol gu na clasaichean.

Cinn-là na Teirm 2016/2017

Teirm 1 - An t-seachdain a tha a’ toiseachadh air an 22mh dhen Lùnastal suas dhan t-seachdain a tha crìochnachadh air an 7mh dhen Dàmhair. Chan eil clasaichean gu bhith ann air an t-seachdain a tha a’ toiseachadh air an 19mh dhen t-Sultain (6 seachdainean).

Teirm 2 - An t-seachdain a tha a’ toiseachadh air an 24mh dhen Dàmhair suas dhan t-seachdain a tha a’ criochnachadh air an 2mh dhen Dùbhlachd (6 seachdainean).

Teirm 3 - An t-seachdain a tha a’ toiseachadh air an 9mh den Fhaoilleach suas dhan t-seachdain a tha a’ criochnachadh air an 24mh dhen Mhàirt. Chan eil clasaichean gu bhith ann air an t-seachdain a tha a’ toiseachadh air an 20mh den Ghearran (10 seachdainean).

Teirm 4 - An t-seachdain a tha a’ toiseachadh air an 24mh den Ghiblean suas dhan t-seachdain a tha a’ criochnachadh air an 16mh dhen t-Òg Mhios anns gach àite seach Loch Carrann agus Ulapul. Anns an dithis àite a tha seo, cha bhith clasaichean air air a’ 1mh den Chèitean neo air an 5mh den t-Òg Mhios, ’s mar sin, bi clasaichean a’ criochnachadh air an t-seachdain a tha a’ criochnachadh air an 30mh den t-Òg Mhios (8 seachdainean).

Cuirmean-ciùil agus Cèilidhean na Clasaichean

Tha e gu math cudromach dhuinn, aig Fèis Rois, taic a thoirt do dhaoin’ òga airson a’ mhisneachd agus na sgilean aca ri bhith cluich anns a’ choimhearsnachd adhartachadh.

Tha sinn a’ cur air dòigh cèilidhean na coimhearsnachd ann an àitichean ionadail a tha freagarrach aig deireadh teirm an Òig Mhios.Tha daonnan cuireadh aig na teaghlaichean agus na caraidean agaibh a thighinn gu cuirm-ciùil deireadh na teirm airson èisteachd ris na clasaichean a’ cluich agus uaireanan pàirt a ghabhail ann an òran, puirt neo dannsa cuideachd.

CEISTEAN CUMANTA

Fìdhlearan aig Fèis na h-òigridhHDè an aois a dh’ fheumas mi a bhith airson pàirt a ghabhail ann an clas Fèis Rois?
Feumaidh tu bhith aig aois P4 - S6 airson pàirt a ghabhail anns a’ mhòr chuid de na clasaichean ionnstramaideach.

Ciamar a tha mi a’ gabhail pàirt?
Feumaidh tu fios a chur ri oifis Fèis Rois mus teid thu gu clas sam bith. ’S urrainn dhut seo a dhèanamh le bhith cur post-d neo le bhith fònadh thugainn air 01349 862600. Tha e cudromach gu bheil an fhiosrachadh againn airson cuideigin a dh’ fhaodadh sinn fios a chur ris ann an suideachadh-èiginn. Tha e air leth cudromach gu bheil fios againn air rud sam bith a tha sibh a’ smaoineachadh air am biodh feum air bho thaobh solarachadh sònraichte neo taic sam bith a bharrachd a thaobh feumalachdan sònrachte a thaobh ionnsachaidh no bodhaige.. Mur nach eil an m fhiosrachadh seo againn, chan urrainn dhuinn ceartas a thoirt gu do phàiste ‘sa chlas. Bu thoil leinn cluinntinn bho barrachd dhaoine òga eadar 16-24 le feumalachdan taic sònraichte aig nach eil ùidh ann a bhith ag ionnsachadh ann am buidhnean mhòra. @s urrainn dhuinn nithean a chuir air dòigh gun tòisich iad ann an clasaichean leotha fhèin agus eadar-ghluasad slaodach a dhèanamh bho sin gu bhith ag ionnsachadh ann am buidhnean beaga. Ma tha na feumalachdan aig do phàiste gu math sònraichte, bhiodh sinn toilichte chluinntinn bhuaibh airson coimhead air nas urrainn dhuinn cur air dòigh.

Chan eil ionnstramaid agam, a bheil seo a’ dèanamh diofar?
Chan eil! Tha faisg air 100 ionnstramaidean aig Fèis Rois. Tha sinn a’ cur a-mach na h-ionnstramaidean a leanas air iasad gu daoine òga a tha airson pàirt a ghabhail anns na clasaichean againn:

  • Fidheall - £7.50 gach mìos
  • Giotàr - £7.50 gach mìos
  • Bogsa-ciùil - £10 gach mìos
  • Clàrsach - £20 gach mìos

Tha liosta-fheitheimh againn airson feadhainn de na h-ionnstramaidean a tha nas motha agus nas daoire, mar na Clàrsaich. Cuir fios thugainn ma tha thu airson ionnstramaid a’ thoirt a-mach air iasad airson ’s gun urrainn dhuinn àm a chur air dòigh far an urrainn dhut an ionnstramaid agad a thogail agus far an urrainn dhut na foirmean iasaid agus an òrdugh seasmhach a’ lìonadh a-steach.

Ìre na Clasaichean

  • Ìre 1 - Neach-Tòiseachaidh gu h-Iomlan - Bidh thu gu tur ùr dhan chuspair seo
  • Ìre 2 - Neach-Tòiseachaidh am Feabhas - Bidh thu air a bhith a’ cluich airson 6-12 mhìos agus bi bun-ìre agad air dòigh-cluich agus puirt neo dhà agad mur tha
  • Ìre 3 - Eadar-Mheadhanach Ìseal/Eadar-Mheadhanach - Bidh thu air a bhith a’ cluich airson 1-2 bhliadhna agus bi eòlas agad air aireamh mhath de puirt, òrain, dannsaichean neo ceumanan.
  • Ìre 4 - Eadar Mheadhanach Uarach+/Adhartach - Bidh thu air a bhith a’ cluich airson ìos-mheud 2 bhliadhna agus bi eòlas mhath agad air an ionnstramaid. Bidh thu eòlach air diofar seòrsa puirt, dannsa, òrain neo ceumanan. Bidh thu air toiseachadh air notaichean-altaidh a chleachdadh.

’S urrainn do Fèis Rois taic airgead a thoirt gu teaghlaichean a tha air teachd a-steach ìseal. Cuir fios ri co-òrdaiche na clasaichean seachdaineach aig oifis an Fhèis airson bruidhinn le earbsa air mar as urrainn dhuinn ur cuideachadh. ’S urrainn dhut gan fhaighinn air 01349 862600.

Loidhne chòmhnard
post-d | fòn: +44 (0)1349 862 600 | facs: +44 (0)1349 862600
Loidhne chòmhnard
'S e companaidh earranta a tha ann am Fèis Rois, clàraichte ann an Alba SC123137,. Tha e aithnichte le Oifis nan Cìsean mar Bhuidhinn Charthannais Albannaich, àireamh SC017647. Leasachadh eadar-lìn - Paul Murray | Dealbhachadh - Lucy Kendra | Photographs - Derek Prescott | Fiolmaichean – Chris Smith
© Fèis Rois 2010
Creative Scotland Highlands and Islands Enterprise Highland Council Fisean nan Gidheal
Scotland Sings Highland Youth Music Forum Traditional Music Forum
Time to Shine Highland Youth Arts Hub Creative Ullapool