Fèis Rois
english Loidhne dhìreach gàidhlig
 
Loidhne chòmhnard
Fèis Rois Ceilidh Trail participants
Lessons were well structured…class enjoyed them!
Teacher, Milton Primary School
Loidhne chòmhnard


Ceangail ri Facebook  Ceangail ri Twitter  Ceangail ri YouTube  Link to Flickr  Link to Soundcloud

Iomairt Ciùil Òigridh (YMI)

Bogsaichean air an t-sràid aig Fèis na h-òigridhThòisich Iomairt Ciùil Òigridh (YMI) air ais ann an 2003 nuair a bharantaich Comhairle Ealain na h-Alba, ‘Youth Music UK’ agus Aonadh an Luchd-ciùil an co-bhoinn ri chèile sgrùdadh air ceòl òigridh ann an Alba – An Aithisg ‘What’s Going On?

Mar thoradh air na co-dhùnaidhean anns an aithisg, gheall Riaghaltas na h-Alba £17.5 millean thar trì bliadhna mar a’ chiad cheum gus an Iomairt Ciùil Òigridh a stèidheachadh. Bha prìomhachasan agus ‘beàrnan’ ann an solarachadh air an cur an cèill, mar eisimpleir teagasg bun-sgoile, sgrìobhadh agus teicneòlas ciùil.

Dh’fhàg Riaghaltas na h-Alba targaid mhòr don Iomairt Chiùil Òigridh: “ro 2006, bu chòir do h-uile neach-cloinne ann an Alba a bhith a’ faighinn cothrom air bliadhna de theagasg ciùil an asgaidh mus ruig iad clas 6 sa bhun-sgoil.”

Mar sin bha 80% den £17.5 millean air a thoirt do Ùghdarrasan Ionadail airson solarachadh ceòl òigridh a leasachadh air chor’s gun rachadh an targaid ann am P6 a choileanadh. Choilean a h-uile riaghaltas ionadail an targaid P6, agus mhair an Iomairt Ciùil Òigridh fada a bharrachd na 2006 a’ toirt a’ chothroim chudromaich seo do mhìltean de chloinn air feadh na h-Alba.

Tha dòighean eadar-dhealaichte aig na Ùghdarrasan Ionadail a thaobh mar a tha iad a’ solarachadh na h-Iomairt Ciùil Òigridh. Ann an grunn àiteachan, dh’ fhaoidte gu bheil teagasg ionnstramaidean pràis ga thairgse do dhaoine òga, ann an àiteachan eile dh’ fhaoidte gu bheil teagasg na pìoba ga thairgse. Tha Fèis Rois a-nis a’ toirt seachad cuid chudthromach den phrògram às leth Chomhairle na Gàidhealtachd. Am-bliadhna, bheir sinn seachad 12 seachdainean de theagasg ann an òrain, cluich ann an còmhlan agus/no cluich feadaige do gach neach-cloinne P6 ann an 108 bun-sgoiltean taobh a-staigh sgìre na Gàidhealtachd (Siorrachd Rois, Inbhir Nis, Inbhir Narann agus Gallaibh)!

Ma chòrd na clasaichean agad san sgoil riut, nach briog thu an seo airson criomagan bhidio a bhith a’ leantainn ort leis na tha thu air ionnsachadh, no nach briog thu an seo gus faighinn a-mach mu ghabhail pàirt ann an fear de na clasaichean às dèidh sgoile againn.

Loidhne chòmhnard
post-d | fòn: +44 (0)1349 862 600 | facs: +44 (0)1349 862600
Loidhne chòmhnard
'S e companaidh earranta a tha ann am Fèis Rois, clàraichte ann an Alba SC123137,. Tha e aithnichte le Oifis nan Cìsean mar Bhuidhinn Charthannais Albannaich, àireamh SC017647. Leasachadh eadar-lìn - Paul Murray | Dealbhachadh - Lucy Kendra | Photographs - Derek Prescott | Fiolmaichean – Chris Smith
© Fèis Rois 2010
Creative Scotland Highlands and Islands Enterprise Highland Council Fisean nan Gidheal
Scots Trad Music Awards Winner Highland Youth Music Forum Traditional Music Forum
Time to Shine Highland Youth Arts Hub Creative Ullapool